Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu

 

 

 

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Àrainn Taobh Na Coille
147 Sràid Berkeley
Glaschu G3 7HP
Fòn: 0141 276 8500
Ceannard na Sgoile:A’ Bh/ph. D. McComb
Post-dealain:
headteacher@glasgowgaelic.glasgow.sch.uk

School Web site

 

‘S e amas na sgoile gach raon den churraicealam a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig ann am foghlam ro-5, bun-sgoile is àrd-sgoile. 

 

Read the English Version of this page


Issued Monday 10 January 2011

 

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' toirt cothrom dhur cloinn Gàidhlig ionnsachadh agus a bhith faighinn an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, ged nach biodh eòlas sam bith aca air a' chanan ro làimh.

 

Ma tha pàiste agaibh a tha còig bliadhna a dh' aois eadar 1 Màrt 2011 agus 28mh A' Ghearrain 2012, bu chòir dhuibh an clàrachadh airson foghlam aig ur Bunsgoil ionadail.

 

Ma tha sibh airson gun tèid ur pàiste gu Bunsgoil Ghàidhlig Ghlaschu, bu choir dhuibh "Placing Request Form" (ri fhaighinn o Bunsgoil sam bith no o na h-Oifisean Foghlaim) a' lìonadh ag innse gu bheil sibh airson gun tèid ur pàiste gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

 

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Àrainn Taobh Na Coille
147 Sràid Berkeley
Glaschu G3 7HP

Fòn: 0141 276 8500


Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu
Tha cànan is cultar na Gàidhlig nam pàirt de dhualchas na h-Alba agus tha a’ chomhairle airson taic a thoirt dhaibh. Thàinig Achd na Gàidhlig gu bith ann an 2006 agus bidh a’ chomhairle a’ leasachadh tuilleadh sheirbheisean airson taic a chur ris a’ chànan sa bhaile mar phàirt de a dleastanas a thaobh an reachdais seo.


Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na phàirt chudromach den ro-innleachd airson ath-bheothachadh a’ chànain. Ann an suidheachadh tro mheadhan na Gàidhlig tha an Curraicealam Albannach ga lìbhrigeadh tron Ghàidhlig agus ‘s i an cànan làitheil a th’aig a’ chloinn is na daoine òga san sgoil. 
 
 

Foghlam Ro-5 tro Mheadhan na Gàidhlig
San t-seisean 2006-07 bidh seo ri fhaighinn ann an Sgoil Àraich Rowena, aig Sgoil Ùr Ghlaschu agus aig Sgoil Àraich nan Sgoilearan Beaga (solar com-pàirteachais aig Colaiste Langside).
 
Tha an curraicealam ga lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig anns na trì àiteachan agus chan eil ro-eòlas air a’ chànan riatanach. 
 

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Bhun-Sgoil
Dhùin Bunsgoil Ghàidhlig Ghlaschu gu h-oifigeil san Ògmhios 2005 airson fosgladh mar Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu san Lùnastal 2006. ‘S e sgoil 3-18 le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a tha seo, le solar airson foghlam Ro-5, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile.  
 
Tha an sgoil ùr air Àrainn Taobh Na Coille far na chleachd Àrd-Sgoil Taobh Na Coille a bhith agus tha i a’ comharrachadh leudachadh cudromach ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.
Tha làn phrògraim de thachartasan cultarach ann dha clann a tha a’ frithealadh foghlam tro Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach oideachadh ann am pìobaireachd, ann an òrain is dannsa traidiseanta agus cothroman cultarach Gàidhlig co-cheangailte eile. Tha cothrom ga thoirt dhan chloinn cuideachd pàirt a ghabhail sa Mhòd Nàiseanta, ann am Fèisean ionadail, ann an tachartasan cultarach Gàidhlig agus anns an fhèis, Celtic Connections.  
 
 

Foghlam Àrd-Sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig
Tha seo air leudachadh gu mòr o chionn ghoirid le fosgladh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu san Lùnastal 2006. Bidh seo a’ gabhail a-steach a’ chiad Àrd-Sgoil chunbhalach a-riamh tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha leudachadh mòr san sgioba teagaisg aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air gabhail àite o chionn ghoirid agus bheir seo cothrom don sgoil ùr cùrsaichean ùra a leasachadh agus làn churraicealaim a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. 
 
Mar a bhios an sgoil a’ dol air adhart gach bliadhna bhon chiad sholar airson AS1 agus AS2, thèid cur às don Aonad Gàidhlig a th’ ann an-dràsta aig Sgoil Chnoc na Pàirce mean air mhean.  
Mar anns a’ bhun-sgoil, thèid làn raoin de thachartasan cultarach a thabhann dha na sgoilearan.
 
 
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu chlàradh dìreach bho na h-àrainnean no bho Oifisean an Fhoghlaim (Comhairliche  - Foghlam Gàidhlig) air 0141 287 4115

 

Links:

Additional Support Needs
Contact details of Gaelic establishments in Glasgow

Gaelic web links